Luchd-rannsachaidh aig 91ÊÓƵÍø a’ cluich pàirt chudromach ann am pròiseact luach £2.9m a chuideachadh le coimhearsnachdan oirthireach a bhith a’ dèiligead

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (91ÊÓƵÍø) a’ cur an cuid sàr-eòlais ann an arc-eòlas, dualchas, conaltradh ri coimhearsnachdan agus cleachdadh cruthachail gu feum feuch am fàs lùth ath-nuadhachail aig muir, a’ gabhail a-steach lùth na gaoithe agus an làin-mhara, ann an dòigh a chuidicheas coimhearsnachdan oirthireach.

see full size image
Dealbh le Nicholas Doherty air Unsplash.

Ann an co-obrachadh le Oilthigh Heriot-Watt, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Oilthigh Hull, is e TRANSitions in Energy for Coastal communities over Time and Space (TRANSECTS) a chanar ris a’ phròiseact ceithir bliadhna seo agus mairidh e gus Giblean 2028. Tha pròiseact TRANSECTS a’ gabhail dòigh-obrach eadar-chuspaireil stèidhichte air àite agus ùine a cheadaicheas ionnsachadh bho fhiosrachaidhean diofar choimhearsnachdan oirthireach ri linn eadar-ghluasadan lùtha san àm a dh’fhalbh, gus taic agus deachdadh a thoirt airson cho-dhùnaidhean a nithear san àm ri teachd.

Tha an rannsachadh mar aon de cheithir pròiseactan a fhuair cuid de £14.8 millean tron Phrògram Choimhearsnachdan Oirthireach agus Mharannan Ruighinn, a tha air a mhaoineachadh le na RA - buidheann maoineachaidh nàiseanta na RA airson tasgadh ann an saidheans agus rannsachadh, agus Roinn Riaghaltas na RA airson na h-Àrainneachd, Biadh agus Cùisean Dùthchail (Defra). Is e rùn a’ phrògraim a bhith a’ cur ri ruighinneachd choimhearsnachdan oirthireach an ceithir dùthchannan na RA air fad le bhith a’ dèanamh feum de shàr-eòlas bho chaochladh chuspairean.

Is e an t-Oll Karen Alexander, neach-saidheans sòisealta muireil san Sgoil airson Cumhachd, Geò-shaidheans, Bun-structair agus a’ Chomainn-shòisealta aig Oilthigh Heriot-Watt, a tha air ceann a’ phròiseict. “Is iomadh uair a rinn eadar-ghluasadan san àm a dh’fhalbh cron air coimhearsnachdan oirthireach,” mar a mhìnicheas an t-Oll Alexander e. “Mar eisimpleir, leis an dà chuid barrachd feuma a bhith ga dhèanamh de dh’ola muice-mara ann an lampaichean san 19mh linn agus an t-eadar-ghluasad gu ola is gas aig muir anns na 1970n thàinig cuairtean tòcaidh is sìolaidh, le barran is lagan ann an obraichean agus tasgadh. Thugadh buaidhean mòra cuideachd air an àrainneachd a bhuail air daoine agus nàdar an dà chuid.”

“Tron phròiseact seo, tha sinn a’ dol air ais ann an tìm a rannsachadh mar a dh’fhiosraich daoine ann an coimhearsnachdan oirthireach na h-atharrachaidhean sin. Is e an t-amas deachdadh a thoirt do dhòighean-obrach a thaobh an eadar-ghluasaid lùtha a tha a’ dol an-dràsta a dhìonas leas choimhearsnachdan oirthireach – agus a bheir bunait airson soirbheachas ghnìomhachasan cudromach san eaconamaidh ghorm leithid cumhachd ath-nuadhachail aig muir.”

Tha an luchd-acadaimigeach aig 91ÊÓƵÍø an t-Oll Antonia Thomas, an t-Oll Jen Harland, agus Anne Bevan bho Institiud Arc-eòlais 91ÊÓƵÍø nan Co-stiùirichean air a’ Phròiseact, le Dan Lee bho Ionad Rannsachaidh Arcaibh airson Arc-eòlas mar Chom-pàirtiche Rannsachaidh is Ùr-ghnàthachaidh. Cleachdaidh iad dòighean rannsachaidh cruthachail agus com-pàirteachail còmhla ri rannsachadh eachdraidheil agus tasglannach gus sgrùdadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a th’ aig eadar-ghluasadan cumhachd mara a thachair san àm a dh’fhalbh agus a tha a’ tachairt a-nis air coimhearsnachdan an latha an-diugh.

Bidh an rannsachadh a’ toirt a-steach co-obrachadh le luchd-ealain, luchd-saidheans agus buidhnean cultarail a’ gabhail a-steach taighean-tasgaidh, gnìomhachas agus an riaghaltas, agus le coimhearsnachdan oirthireach ann an Alba agus Sasainn. Tha fòcas cruinn-eòlasach a’ phròiseict air trì ceàrnan: Inbhir Humber ann an Sasainn, eileanan Arcaibh agus costa an ear na h-Alba eadar Dùn Èideann agus Obar Dheathain.  Am measg nan com-pàirtichean le ùidh tha Riaghaltas na h-Alba, Buidheann Riaghladh na Mara, a bhios a’ riaghladh ghnìomhachdan mara san fhairge timcheall air Sasainn agus a’ Chuimrigh, agus Offshore Energies UK, comann malairt airson gnìomhachas lùth thar-oirthir na RA.